Bidh an sreath eileanan iomraiteach seo aig oir a’ Chuain Siar a’ freastal orra a thig airson fothail no fois. ’S ann am measg bheanntan, monaidhean agus tràighean geala grinn a gheibhte a’ chuid as fheàrr den dualchas Ghàidhlig, fiadh-bheatha, biadh is deoch agus na h-ealain.
Ged as ann ri cèilidh, seòladh, surfadh, sreap nam beann no ri norrag clùth ris an teine mhònadh, bidh fàilte bhlàth Ghàidhealach ann an-còmhnaidh. Aon uair ’s gu bheil thu air fhiosrachadh, fanaidh e riut, rid chàirdean is do charaidean gu bràth. Siuthad is lorg do chuid fhèin de phàrras air thalamh, an seo ann an Innse Gall.